Toiseach bliadhn’ ionmhais ùr

Bhiodh sibh ’s dòcha air fhaicinn gu lean taic ionmhasail Riaghaltas na h-Alba airson MG ALBA aig an aon ìre airson 2016-17, agus is math an naidheachd sin. Tha saothair ron a h-uile duine a tha an sàs anns na meadhanan Gàidhlig am-bliadhna agus anns na bliadhnaichean ri thighinn. Tha sinn fhìn uile airson adhartas fhaicinn a dh’aindeoin dùbhlain ionmhasail na roinne poblaich. Tha ar lèirsinn airson na 5 bliadhna ri thighinn foillsichte air an làrach-lìn, agus ged nach tèid an coileanadh ann an aon bhliadhna, tha e riatanach gun dèan sinn adhartas fad an t-siubhail.

Aig toiseach na bliadhn’ ionmhais seo tha sinn cuideachd air cur romhainn a bhith a’ foillseachadh barrachd is barrachd mu dheidhinn ciamar a tha sinn a’ ruighinn co-dhùnaidhean, dè na poileasaidhean agus na slatan tomhais air a bheil iad stèidhichte agus dè na cuspairean mòra air a bheil sinn a’ greimeachadh. Bidh geàrr-chunntasan, conaltradh poblach agus foillseachaidhean poblach eile rim faighinn air ar làrach-lìn, agus tha mi an dòchas gum bi sin gu feum dha ar luchd-ùidhe.

Ma tha sibh a’ gabhail làithean-saora mun àm seo tha mi an dòchas gu faigh sibh fois agus deagh shìde.