Prògraman agus cànan

A-nochd (24/09/2015) air BBC ALBA aig 21:00 chì sibh prògram sònraichte mun t-sàr chluicheadair ball-coise, Jim Baxter. Bha Jim Baxter aig àm a’ cluich airson Raith Rovers, Rangers agus Alba, agus bidh fiughair air mòran a-nochd – Gàidheil agus goill – sgeulachd-beatha Jim Baxter fhaicinn. Tha am prògram seo a’ leantainn an fheadhainn a chaidh a dhèanamh mu leithid Jock Stein (a ghlèidh duais Royal Television Society), John Hartson agus sgioba Obar Dheathain a bhuinneig cupa Eòrpach ann an 1983.

Tha am prògram a’ bruidhinn ris an fheadhainn a b’ fhaisge air Jim Baxter – cluicheadairean eile, a chàraid Norma, an sgrìobhaiche Val McDermid (b’ e a h-athair a thug Jim Baxter gu Raith Rovers). Tha iad uile a’ bruidhinn sa Bheurla. Tha aithris a’ phrògraim air fad sa Ghàidhlig, air a lìbhrigeadh le fear aig a bheil creideas cho àrd ri neach sam bith eile a tha na eòlaiche ball-coise, agus tha sinn dha-rìribh moiteil às.

Tha e riatanach airson sgeulachd sam bith gum faighear gu na tùsan as fheàrr, na daoine a bha thall ‘s a chunnaic. Chì thu na deòir a’ lìonadh an sùilean nuair a bhuaileas an cianalas orra agus cluinnidh tu an gàire a nì iad nuair a dh’innseas iad rudeigin èibhinn air nach robh fhios aig duine sam bith eile. Tha am prògram nas fheàrr dheth air sàillibh sin.

‘S dòcha nach aontaich cuid ach saoilidh mise gum bi Gàidheal sam bith a tha a’ leantainn ball-coise no aig a bheil ùidh ann an eachdraidh shòisealta na h-Alba anns na 50-an agus na 60-an ag iarraidh am prògram as fhìrinnich agus as inntinnich fhaicinn a-nochd.

A thuilleadh air an sin, thig mòran dhaoine a choimhead air a’ phrògram, cuid dhiubh nach eil faisg ann an dòigh sam bith air ar cànan. Airson uair an uaireadair a-nochd bidh iad a’ cluinntinn Gàidhlig (fìor dheagh Ghàidhlig Uibhisteach!) agus bidh iad a’ tuigsinn gun urrainn a’ Ghàidhlig a tha seo a bhith feumail agus luachmhor dhaibhsan bho àm gu àm. Chan eil fhios dè an sìol a chuireas sinn nan inntinn no nan cridheachan. Thuirt fear rium bho chionn ghoirid gu bheil e fhèin agus a nighean ag ionnsachadh Gàidhlig agus mar luchd-leantainn Partick Thistle gur e ùidh BBC ALBA ann am ball-coise a dhùisg am miann aca Gàidhlig ionnsachadh. “Gonna be fluent in Gaelic by the end of the season” arsa aon neach air Twitter bho chionn ghoirid!

Tha a h-uile prògram diofraichte. Agus tha an fheum a nì diofar sheòrsaichean phrògraman dhan Ghàidhlig diofraichte. Bha prògraman leithid Dè a-nis? (a thòisich a-rithist bho chionn greis), Geansaidh a’ Phàpa agus Balaich a’ Bhìobaill (a bha air aig toiseach na seachdain) loma-làn Gàidhlig agus gu mòr an toileachas a ghabh sinn annta cuideachd. A-nochd, bidh Jim Baxter, mar a bha leithid Cobhair Chloinne a-raoir, a’ toirt dhuinn sgeulachdan iongatach agus faireachail dhuinn. Tha na prògraman sin a’ dèanamh feum mòr dhan Ghàidhlig cuideachd, ach ann an diofar dhòigh.

Tha min dòchas gun còrd am prògram Jim Baxter leibh agus gun dean sibh gàire ris a’ phrògram a tha ga leantainn – Gaol @ Gael.

Ma tha ùidh agaibh barrachd a leughadh mu ro-innleachd cànain MG ALBA faicibh Eàrr-ràdh 2 (td 18 air adhart) ann an Co-Chomhairle MG ALBA. Tha an e an cois seo cuideachd (an taobh Gàidhlig a-mhàin).

Gearradh bho Cho-Chomhairle MG ALBA:

Stiùireadh Gàidhlig MG ALBA / BBC ALBA

Tha a’ cho-bhanntachd aig BBC ALBA a’ lìbhrigeadh susbaint tar-mheadhan a tha a’ gabhail a-steach an seanail BBC ALBA, Radio nan Gàidheal agus www.bbc.co.uk/alba gach fear aca a’ tabhann ghoireasan agus susbaint a tha co-fhreagarrach. Tha gach seirbheis air a thabhann tro mheadhan na Gàidhlig. 

Raon-dleastanais 

Tha BBC ALBA ag amas air luchd-bruidhinn na Gàidhlig a fhrithealadh, iadsan a tha ag ionnsachadh, iadsan aig am biodh ùidh ann a bhith ag ionnsachadh, agus iadsan aig a bheil ùidh sa chànan agus sa chultar. Tha e ag amas air cultar, fèin-aithne agus dualchas na Gàidhlig a thaisbeanadh. Ann a bhith a’ coileanadh a raon dleastanais tha BBC ALBA a’ cur ro-innleachd phrògram an sàs a tha ag amas air a bhith a’ frithealadh: 

•    Iadsan a tha a cheana a’ bruidhinn agus ag ionnsachadh na Gàidhlig – le bhith tabhann seirbheis aig a bheil creideas agus buntanas
•    Iadsan aig nach eil a’ Ghàidhlig – le bhith tabhann susbaint a tha tairgse roghainnean coimhid eile do luchd-airc agus coimhearsnachdan air feadh Alba agus an còrr den RA 

Tha BBC ALBA cuideachd ag amas air: 

•    A bhith a’ cuideachadh ann a bhith a tàladh luchd-labhairt ùra chun chànain 
•    Ìomhaigh na Gàidhlig a thogail tron RA air fad le bhith tabhann susbaint a tha tarraingeach do luchd amhairc aig nach biodh cus ùidh no luach sa chànan mur e b’ e seo
•    A bhith ag amas air sealladh eadar-nàiseanta a thoirt seachad a’ gabhail a-steach cànain is cultaran eile

Ro-innleachd Cànain

Tha BBC ALBA a’ stèidheachadh na Gàidhlig ann an co-theacsa far am faod daoine aig nach eil i a thighinn na lùib ann an suidheachaidhean far nach sùilichear a thaobh cultar na Gàidhlig. Tha aithne na Gàidhlig na pàirt mòr de mheudachadh luchd-amharc ùr a dh’fhaodadh nach eil fileanta ach a tha taiceil a thaobh suidhichidhean far am faigh a’ Ghàidhlig cothrom fàs agus a dhol am meud. 

Le bhith cur na Gàidhlig an lùib co-theacsa Albannach tha a’ mhòr-shluagh a’ tòiseachadh a bhith ga faicinn mar nì ‘àbhaisteach’ ann am beatha na h-Alba. Thathar an dòchas gun tèid seo am meud tro thìde, agus gum bi buaidh aige air an tuilleadh dhaoine a tharraing chun chànain. 

Mar sin ’s e fear de na dleastanasan a tha aig na meadhanan Gàidhlig AITHNE na Gàidhlig a thogail tro Alba air fad. Thathar a’ dèanamh seo tro phrògraman Gàidhlig anns a bheil cuspairean a bhiodh inntinneach agus ruigsinneach do dhaoine aig nach eil i. ’S e an dàrna dleastanas a th’ aig na meadhanan Gàidhlig a bhith a’ togail INBHE a’ Ghàidhlig mar bhrannd telebhisein shoirbheachail nàiseanta a’ cur ri sin. Tha aithne agus inbhe a’ cuideachadh le bhith ag ÀBHAISTEACHADH, far a bheil a’ Ghàidhlig ag amas air a bhith air a h-aithneachadh mar phàirt de bheatha àbhaisteach ann an Alba. Agus mu dheireadh, bu chòir do na meadhanan Gàidhlig a bhith a’ cuideachadh le DLÙTH-GHABHAIL, far a bheil diùltadh na Gàidhlig a’ gluasad gu gabhail rithe agus far a bheil iadsan a tha a’ luachadh a’ Ghàidhlig a’ lorg slighean gu ruige comais-labhairt.

Prògraman 

Tha coimisein shoirbheachail a’ gabhail a-steach ro-innleachd cànain airson a’ phrògraim taobh a-staigh Sònrachas Deasachaidh. Tha na prìomh nithean a bheir buaidh air a’ phoileasaidh cànain airson gach prògram/sreath mar a leanas: 

•    Luchd-amhairc air a bheilear ag amas 
•    Gnè a’ phrògraim 
•    Àite sa chlàr-ama 
•    Prìomh thàlant 
•    Luchd-com-pàirt sa phrògram 

Com-pàirteachas cànain agus bun-tùs mu luchd-com-pàirt phrògraman BBC ALBA 

Tha BBC ALBA ag aithneachadh trì prìomh bhuidhnean de luchd-amhairc airson a chuid phrògraman. 

CRIDHE GÀIDHLIG: 
Prògraman airson luchd-amhairc a tha bruidhinn Gàidhlig. Bu chòir na prògraman seo a bhith a’ cleachdadh na ghabhas de dhaoine a tha cofhurtail agus fileanta sa Ghàidhlig, le fileantachd sa Gàidhlig a’ gabhail prìomhachas thairis air nì sam bith eile. Bidh susbaint bho na h-eileanan gu làidir air an seòrsa prògram seo ach, san aon dòigh ’s a tha susbaint Radio nan Gàidheal, dh’fhaodadh deasachadh a’ phrògraim a bhith nàiseanta no eadar-nàiseanta. Eisimpleirean leithid prògraman naidheachd mar ‘An Là’, dràma leithid ‘Bannan’, prògraman aithriseach leithid ‘An Dotair Mòr’, creideamh mar ‘Alleluia’ agus prògraman dibhearsan leithid ‘Fonn, Fonn, Fonn’. 

GÀIDHLIG LE CO-FHAIREACHDAINN NÀISEANTA: 
Prògraman aig a bheil ceangal riochdachaidh làidir ri luchd-labhairt na Gàidhlig no cultar na Gàidhlig ach aig air sgàth sin a bheil co-fhaireachdainn nàiseanta agus a tha cuideachd ag amas orrasan aig nach eil a’ Ghàidhlig. Bidh cuspairean anns na prògraman seo anns am biodh ùidh aig daoine gu nàiseanta ach a bhios air an treòrachadh leothasan a tha fileanta sa Ghàidhlig agus aig a bheil inbhe gu nàiseanta. Eisimpleirean mar am prògram aithriseach air Modaràtar Eaglais na h-Alba no an t-sreath litreachais, ‘Sàr-Sgeòil’. 

NÀISEANTA: 
Prògraman a bu chòir a bhith tarraingeach do luchd-amhairc gu nàiseanta agus nach eil air an cuingealachadh cus le ruigsinneachd cnapan-starraidh a thaobh. Bu chòir am prògramadh seo a bhith ag amas air na tobraichean-eòlais as fheàrr gu nàiseanta airson sgeulachd, gun umhail do chànan no dualchas. Bu chòir luchd com-pàirt a bhith a’ riochdachadh Alba air fad agus chan e a-mhàin luchd-labhairt nan Gàidhlig no luchd-ionnsachaidh. Eisimpleirean mar ‘Bainnsean’ no ‘Cobhair Chloinne’ no ‘Cuide ri Cathy’ (uile ag amas air fuasgladh mu choinneimh fiaradh fireann ann an luchd-amhairc gu nàiseanta). Nam measg cuideachd ‘Gothenburg ‘83’ agus a’ mhòr chuid de na prògraman ciùil againn a tha ruighinn luchd-amhairc air feadh Bhreatainn agus Èirinn. 

Tha co-bhanntachd BBC ALBA ag iarraidh air companaidhean a tha a’ frithealadh an t-seanail ro-innleachdan a chruthachadh a bheir freagairt air na leanas: 

•    An ro-innleachd cànain airson phrògraman a libhrigeadh 
•    Cànan obrach an riochdachaidh agus mar a thathas a’ sùileachadh a bhith a’ conaltradh le tàlant, luchd-com-pàirt phrògraman agus a’ mhòr-shluagh 
•    Na h-ìrean cànain as àirde a lìbhrigeadh 

Cànain Eile 

Ann an gnè phrògraman leithid naidheachdan agus prògraman eile a thèid an seilbheachadh tha e iomchaidh gun nochd cànain eile. Faodar eadar-theangachadh no fo-thiotalan a chleachdadh mar a bhios iomchaidh san deasachadh me bu chòir fo-thiotalan a chleachdadh airson Gàidhlig na h-Èireann seach guth-thairis. 

Goireasan

’S iad luchd-labhairt agus luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig a tha sa phrìomh àite a thaobh a bhith a’ coimhead phrògraman BBC ALBA agus feumar cainnt a chleachdadh a tha mar sgàthan air a’ chànan a thathas a’ cleachdadh ann an coimhearsnachdan an latha an-diugh le sean is òg agus an dà chuid le fileantaich is luchd-ionnsachaidh. Tha iomadh goireas cànain feumail ri fhaotainn aig www.learnGaelic.net nam measg faclairean, co-fhaclairean, cuideachadh le gràmar agus Gnàthachas Litreachaidh na Gàidhlig (a bu chòir a leantainn mur eil adhbhar mhath ann a thaobh deasachaidh airson seann litreachadh a chleachdadh). Thathas ag iarraidh air riochdairean a bhith faiceallach a thaobh a bhith a’ cleachdadh ghoireasan leithid fhaclairean gu sònraichte a thaobh brìgh fhaclan agus an co-theacsa san tèid an cleachdadh.