Preantas Gàidhlig

Tha cuimhne agam nuair a thòisich sgeama preantasachd a’ BhBC ann an Alba agus na h-uiread de dh’obair a chaidh ansàs ann a bhith a’ dealbhachadh sgeama a bha a’ freagairt air feumalachdan an latha an-diugh agus a’ feuchainn ri sgilean a bhrosnachadh mu choinneimh feumalachdan anlatha a-màireach. Bha aithne ann gun robh feum air slighe a-steach do na meadhanan nach robh a’ crochadh air ceum oilthigh, agus gun robh feum air na meadhanan air measgachadh nas fharsainge de luchd-obrach.

Tha sinn a-nis fìor thoilichte gu bheil an sgeama sin air a leasachadh ann an dòigh a fhreagras air feumalachdan sònraichte na meadhanan Gàidhlig, le taic bho MG ALBA. Thathas ag amas air cuideigin aig a bheil Gàidhlig eadar aois 18 agus 25, a tha oidhirpeach agus a tha acrach airson a bhith am bogadh sna meadhanan. Tha an sgeama seo cliùiteach agus sna bliadhnaichean ri thighinn cuiridh mi geall gum bi sinn gu mòr an comain na daoine a thig troimhe agus gum bi iad an lùib an fheadhainn a bhios a’ treòrachadh nam meadhanan Gàidhlig.

Tha e riatanach gu faigh sinn deagh thagraichean (ceann-là 13/5) agus bhiodhmaid nur comain nam brosnaicheadh sibh daoine a tha sibh a’ smaointinn a fhreagradh air an sgeama. ‘S e cothrom air leth a tha ann.

Seo ceangal chun an sgeama.