Maoineachadh na meadhanan Gàidhlig

Fhuair sinn dearbhadh an t-seachdain seo chaidh bho DCMS nach biodh Riaghaltas na RA a’ leantainn ris an taic-airgid de £1m a fhuair sinn airson 2014-15 agus 2015-16. ‘S e briseadh dùil a bha ann an dèidh dhuinn argamaidean sgrìobhte a dhèanamh agus mòran chòmhraidhean a chumail le ministearan agus oifigearan. Fhuair ar “co-oghaichean” Ceilteach, an t-seanail Cuimreach S4C, ìsleachadh de £1.7m sìos gu £5m bho DCMS.

Dè a-nis ma-ta?

Bidh mi a’ coinneachadh le oifigearan DCMS an t-seachdain seo tighinn airson bruidhinn mu dhòighean eile airson taic Riaghaltas na RA a ghlèidheadh.

‘S e an duais as motha gun aontaich an DCMS agus am BBC Cairt Rìoghail ùr a bheireas seasmhachd agus leasachadh do chraoladh Gàidhlig. Tha sinn air a dhèanamh soilleir – faicibh fianais MG ALBA gu DCMS mar phàirt den Cho-chomhairle Phoblach air Ùrachadh Cairt Rìoghail a’ BhBC – gum bu chòir co-ionannachd fhaicinn ris an t-seanail Chuimreach S4C a thaobh prògraman dèante agus maoinichte in-thaigh leis a’ BhBC. Bhiodh sin a’ ciallachadh fàs bho 4.4 uair gu 10 uair gach seachdain de phrògraman telebhisein a’ tighinn bhon BhBC gu BBC ALBA – naidheachdan air an deireadh sheachdain, seirbheis chloinne agus òigridh nas coileanta, barrachd nuadh-phrògraman ann an gnèithean comadaidh agus dibhearsan.

Tha uallach laghail air a’ BhBC 10 uair gach seachdain de phrògraman ùra a thoirt don t-seanail Cuimreach. Chan eil an aon dìon laghail aig an t-seanail Gàidhlig, agus a-nis tha cothrom ann dhan BhBC agus an DCMS aontachadh gum biodh suidheachadh an dà sheanail, bho thaobh taic a’ BhBC, dìonach, seasmhach agus cothromach.

Tha mi airson ur brosnachadh gus ur beachdan a dhèanamh soilleir do dh’ Urras a’ BhBC a tha an dràsta a’ dèanamh leirmheas air BBC ALBA agus Radio nan Gaidheal – faicibh an seo.

Tha mi cuideachd gu bhith bruidhinn ri Riaghaltas na RA mu shiostam chreideas-chìsean airson prògraman mion-chànanach. Tha a leithid ann an iomadach dùthaich agus tha e an seo cuideachd airson prògraman a tha a’ cosg seachad air stairsnich £1m san uair, prògraman chloinne agus dealbhan-beò. Tha an siostam a’ cur luach suas gu 20% de bhuidseat prògram ann an làmhan an riochdaire neo-eisimeileach, buannachd mòr a dh’fhaodadh mòran diofar a dhèanamh nam biodh e air a shìneadh gu craoladh Gàidhlig.

Leanaidh sinn oirnn a’ togail argamaidean airson seirbheisean nas coileanta dhan luchd-coimhid.

Mar as àbhaist, bhiodh fàilte air ur beachdan – domhnall.caimbeul@mgalba.com