Gàidheil – an t-àm airson a bhith aona-ghuthach

Seo an t-àm airson Gàidheil a bhith aona-ghuthach mu thelebhisean agus mu rèidio Gàidhlig.

Oir tha mòran a tha math, fior mhath, agus tha mòran a tha dhìth a leasachadh.

‘S e fìrinn na cùise gu bheil Riaghaltas na RA, Riaghaltas na h-Alba agus am BBC a’ coimhead air sàbhalaidhean mòra a dhèanamh thairis air na 4 bliadhna tha romhainn, agus ‘s e a’ cheist an tig na meadhanan Gàidhlig a-mach às an sin nas treise no nas laige. Agus tha cothrom againn air fad buaidh a thoirt air a’ cho-dhùnadh sin.

Carson a chuireadh gach Riaghaltas agus am BBC ris na meadhanan Gàidhlig? Gu h-àraid nuair a tha iomadach prìomhachas eile mun coinneimh?

‘S e gnothach a tha ann an telebhisean agus rèidio a tha ag adhbharachadh iomadach beachd bho luchd-coimhid is èisteachd. Deasbadan teth mu phrògraman, mu phoileasaidhean, mu “rionnagan” nam meadhanan agus mar sin air adhart. Sin mar a tha craoladh, agus ‘s e deagh rud a tha ann.

Ach tha e riatanach buileach dhan Ghàidhlig, oir tha farsaingeachd bheachd, còmhradh agus deasbad mar chomharra fallaineachd, agus ged nach biodh daoine ag aontachadh ‘s e an rud as cudromaiche gu bheil sinn a’ gabhail ùidh.

Ach ’s urrain dhuinn aontachadh air aon rud.

Bu chòir dhan BhBC a bhith a’ cur a’ cheart uiread de phrògraman Gàidhlig do BhBC ALBA ‘s a tha iad a’ cur don t-seanail Chuimreach S4C – ‘s e sin 10 uair a thìde gach seachdain.

An-dràsta, ‘s e 4.4 uair gach seachdain (mar eisimpleir, Naidheachdan, Èorpa, am Mòd, uile a tha fìor shoirbheachail) a tha am BBC a’ maoineachadh – tha sinne aig MG ALBA a’ moladh gu leudaich iad air an sin. Naidheachdan deireadh sheachdain. Prògraman chloinne a bharrachd air dealbhan-beò (cartoons). Prògraman airson òigridh. Barrachd chomadaidh, dhibhearsan agus ionnsachadh. Tha meas mòr againn air prògraman dèante leis a’ BhBC agus tha e reusanta agus ceart iarraidh air a’ BhBC sin a cheadachadh. Agus bidh buannachdan eile ann. Cruthaichidh sin barrachd chothroman trèanaidh agus leasachaidh agus barrachd obraichean airson Gàidheil.

Bhithinn gu mòr nur comain nan cuireadh sibh ur taic ris an iarrtas sin. Nach sgrìobh sibh gu Riaghaltas na RA a’ dèanamh soilleir gu bheil sibhse ag iarraidh barrachd sheilbheachd bhon BhBC airson BBC ALBA.