Fèis nam Meadhanan Ceilteach

Tha e taitneach a bhith a’ faicinn an-diugh gu bheil prògraman rèidio agus telebhisein Gàidhlig air geàrr-liosta Fèis na Meadhanan Ceilteach 2016. Mo mheala naidheachd do gach neach a bha an-sàs annta, agus ann an FilmG a tha air geàrr-liosta airson Duais Kieran Hegarty airson Ùr-ghnàthachas. Tha min dòchas gun till sibh uile le na duaisean!

‘S e fìrinn na cùise gur e farpais gu math cruaidh a tha anns an Fhèis. Tha na prògraman Gàidhlig am-bliadhna a’ seasamh mu choinneimh prògraman leithid Poldark agus Casualty sa Bheurla – air sàillibh gun deach an dèanamh sa Chòrn agus sa Chuimrigh – agus mu choinneimh sàr phrògraman eile sa chànan sin agus anns na cànanan Ceilteach eile. Tha e fior mhath a bhith a’ faicinn stuthan bho Eilean Mhanainn, bhon Bhreatainn Bhig agus bho Galicia san fharpais cuideachd. Tuigidh mi a’ cheist a tha aig cuid mu dheidhinn farpais a tha a’ cur prògraman Gàidhlig san aon fharpais le, mar eisimpleir, Mrs Browns Boys, ach saoilidh mi cuideachd gu bheil riochdairean phrògraman ag iarraidh a bhith air an tomhas mu choinneimh slatan-tomhais nàiseanta agus eadar-nàiseanta, agus bu chòir dhuinn a bhith cho moiteil ann an luchd-dèanamh nam prògraman againn, agus air an t-sàr àrd ìre a tha iad a’ ruighinn air airgead a tha tric cho teann.

Chan e farpais a-mhàin a tha anns an Fhèis. ‘S e fior chothrom ionnsachaidh a tha ann, agus cothrom air lìonraidhean a chruthachadh agus a neartachadh le feadhainn a tha a’ tuigsinn ar suidheachadh agus a tha strì mu choinneimh dhùbhlain a tha gu math coltach ris an fheadhainn againn fhìn. Tha MG ALBA a’ brosnachadh dhaoine a tha ag amas air dreuchd phroifeasanta sna meadhanan Gàidhlig a dhol ann gach bliadhna agus airson 2016 tha sinn a’ cur cuideam air daoine eadar 18 agus 30. Tha ceann-là nan tagraidhean cha mhòr oirnn – Dihaoine an 5mh Màrt 2016 – agus gheibh sibh an fhios an seo.

Tha mòran ri ràdh mun Fhèis agus tillidh mi chun a’ chuspair nas fhaisge air an àm.