Duaisean RTS na h-Alba

Tha duaisean Royal Television Society (RTS) na h-Alba a’ gabhail àite a-nochd agus tha sinne aig MG ALBA fìor mhoiteil gu bheil trì prògraman BBC ALBA air an ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta.

Chaidh an geàrr-liosta fhoillseachadh sa Ghiblean: ag aithneachadh sàr-mhathas agus ùr-ghnàthachas thairis air ioma diofar ghnè de phrògraman ann an Alba. Seo an treas cuirm dhuaisean aig RTS na h-Alba agus am-bliadhna ’s iad Catriona Shearer agus Sanjeev Kohli a bhios gan lìbhrigeadh anns an Òran Mòr, Glaschu.

Tha dà phrògram a riochdaich purpleTV airson BBC ALBA, ‘Tartan Pride’ agus ‘Jim Baxter’, air an ainmeachadh air a’ gheàrr-liosta agus tha iad a’ dol an aghaidh a chèile sa ghnè: Prògram Spòrs as Fheàrr. Choisinn purpleTV duais airson am prògram aca ‘Jock Stein’ san aon ghnè an-uiridh agus bhiodh e anabarrach math nam b’ urrainn cuir ris an t-soirbheachas sin am-bliadhna. Shuas airson Iar-riochdachadh as Fheàrr: Gearradh, tha Vilte Vaitkute a tha na deasaiche aig media co-op. Chaidh uairean a thìde de chlàraidhean airson prògram ‘Pìobairean Beaga Bhaile Ghobhainn’ a ghearradh sìos gu h-ealanta, le Vilte, gus prògram uair a thìde a lìbhrigeadh, a chuireadh gàire air d’aodain, chithear clip an seo.

Mo mheala naidheachd air media co-op agus air purpleTV: ’s e euchd air leth a th’ ann faighinn air a’ gheàrr-liosta agus tha sinn an dòchas gun soirbhich leotha a-nochd. Bidh tàlantan a’ ghnìomhachais Albannach air an taisbeanadh aig na duaisean agus nach sinne a tha moiteil gu bheil prògraman BBC ALBA air an comharrachadh am-measg an stuth as fheàrr ann an Alba. Cumaibh ur sùilean air Twitter agus Facebook agus leigidh sinn fhaicinn dhuibh ciamar a gheibh iad air adhart.