Duaisean FilmG

Buannaichean FilmG 2015

Ma bha sibh aig cuirm dhuaisean FilmG oidhche Haoine, no a’ leanntainn #FilmG, tha min dòchas gun robh sibh air ur misneachadh le na chunnaic agus na chuala sibh. Cha chreid mi gu bheil cuirm dhuaisean eile an Alba aig a bheil na h-uiread de bhuaidh. Le seòmar luma-làn dhaoine de gach aois bho 16 gu 84 a bha a' dèanamh fèill air tàlant ùr na Gàidhlig bha comharran dòchais làidir ann. Sheall leithid Fiona NicChoinnich, Niall Iain Dòmhnallach, Tony Kearney, Linda NicLeòid, Seumas Dòmhnallach, Màiri Rodgers, Dol Eòin agus Peigi Wood, rionnag nam meadhanan sòisealta Alana NicAonghais agus Gemma Steele òg a tha a’ deanamh na h-uiread de dheagh obair ann an Afraga carson a tha iad nan sàr-iùil dhuinn às a bheil sinn moiteil agus dhearbh oileanaich SMO agus sgoilearan Bhàgh a’ Chaisteal, Àrd-sgoil Phort Righ, Sgoil MhicNeacail gu bheil na Gàidheil òga comasach, ain-fhoiseil agus acrach airson iad fhèin a chuir an cèill tro na meadhanan. Agus rinn sinn toileachas fhaicinn gun do ghlèidh Acadamaidh na Grainnse bho Chille Mheàrnaig aon de na duaisean – comharra gu bheil an fharpais cuideachd a’ brosnachadh coimhearsnachdan ùra Gàidhlig.

Dhomhsa, tha duaisean FilmG a’ cur am follais gu bheil dàimh làidir agus cumhachdach ann eadar sàr-phroifeasantaich nam meadhanan Gàidhlig – an fheadhainn a bha a’ teagasg, a bha air an àrd-ùrlar agus an sgioba riochdachaidh aig MG ALBA, Cànan agus caraidean a chuir an tachartas an cèill - agus a’ choimhearsnachd às a bheil an tàlant ùr ag èirigh. Tha sin na adhbhar misneachd agus toileachas. An-dràsta nach gabh sibh an cothrom cuid de na filmichean fhaicinn air www.filmg.co.uk