Dè na dh’fhòghnas airson seanail tbh?

Sin agaibh a-nis ceist a tha car coltach ri dè cho fada ‘s a tha pìos sreanga!

Ma nì sinn coimeas an-diugh le na seanailean Ceilteach eile chì sinn gu bheil 5 uairean agus 8 uairean de phrògraman ùra gach latha fa leth aig na seanailean Gaeilge agus Chuimreach. Tha sin a’ toirt susbaint is neart dhaibh agus dhan ghnìomhachas ris a bheil iad an urra. Agus BBC ALBA….1.7 uairean de stuthan ùra gu làitheil!

Tha an t-seanail againn gann de phrògraman ùra.

Cò às a dh’fhaodadh iad tighinn?

Ann an 2014/15 thug am BBC 531 uairean de phrògraman in-thaigh dhan t-seanail Chuimreach agus mu 230 dhan t-seanail Ghàidhlig. Nam b’ urrainn am BBC àireamh agus luach phrògraman Gàidhlig àrdachadh gu ìre na Cuimrich, bhiodh sin na cheum shusbainteach.

Naidheachdan deireadh sheachdain. Prògraman chloinne agus òigridh. Dibhearsain, comadaidh agus ionnsachadh.

Tha cruaidh fheum air clàr BBC ALBA air barrachd phrògraman sna gnèithean sin. Bheir iad mòran toileachas agus tlachd do luchd cleachdaidh na Gàidhlig. Dhùsgadh iad miann, bhrosnaicheadh iad tàlant agus sgilean agus chruthaicheadh iad obraichean de dh’iomadh seòrsa.

Air oidhche Luain bidh prògram shònraichte air BBC ALBA, “Dòtaman aig 30”. Tha 30 bliadhna ann bho chraobh-sgaoil BBC Scotland a' chiad phrògram ann an sreath ùr de phrògraman Ghàidhlig chloinne - Dòtaman. 'S beag fios a bh' ann aig an àm cho soirbheachail 's a bhiodh am prògram agus am prìomh neach-aithris, Donnie 'Dòtaman' MacLeòid, a tha aithnichte fad is farsaing air feadh Alba. Tha rionnagan na Gàidhlig cumhachdach. Thàinig iad am bàrr o chionn 30 bliadhna, tha iad fhathast a’ tighinn am bàrr, agus le taic is goireas thig an tuilleadh am bàrr.

Cuiribh ur taic ri leasachadh BBC ALBA le bhith a’ gabhail pàirt san deasbad phoblach mun BhBC agus le bhith iarrtach agus amasach airson na nì am BBC airson nam meadhanan Gàidhlig san àm ri teachd.

Mura faca sibh an dealbh seo, nach toir sibh sùil air – tha e ag innse sgeulachd ann an dòigh nach innis faclan!

MG ALBA infographic Chithear an dealbh nas motha an seo

Tha co-chomhairle Riaghaltas na RA an seo. Ceann-là: 8 Dàmhair 2015