Co-labhairt nam meadhanan, Oilthigh Dhùn Èideann

Bha e gu math feumail latha a chur gu taobh airson èisteachd agus còmhradh a chumail air suidheachadh nam meadhanan Gàidhlig agus air slighean air adhart.

Bha seachd molaidhean aig gàidhlig.tv agus còig eile aig Donnchadh Fearghasdan agus iomadh beachd eile air an deach bruidhinn. ’S e comharra fallaineachd a tha ann gun urrainn dhuinn leithid de chòmhradh a chumail agus mo thaing airson sin gu Oilthigh Dhùn Èideann.

Thagh sinne na faclan “Cothroman”, “Ceumannan” agus “Misneachd” airson na bha againn ri ràdh. Saoilidh mi gu bheil sinn uabhasach fortanach gu bheil deagh bhun-stèidh rèidio agus telebhisean aig na meadhanan Gàidhlig, gu bheil iad soirbheachail agus a’ dèanamh feum, agus is ann air a’ bhun-stèidh sin a bu chòir togail.

Bho thaobh MG ALBA, bidh sinn a’ meòrachadh air na cuspairean a chaidh a thogail agus chan eil mi airson a dhol tro gach puing an-dràsta. Dh’fhaodainn ge-tà facal a ràdh mun cheann naidheachd a thog An Là an raoir – ’s e sin mu dheidhinn an dòchas gun tig atharrachadh air modh lìbhrigidh fo-thiotalan le adhartas ann an teicneolas.

Tha sinn a’ creidsinn gum bu chòir roghainn a bhith aig an neach-coimhid na fo-thiotalan a chur dheth. Aig deireadh 2015 rinn sinn rannsachadh a dhearbh nach robh sin comasach airson na h-adhbharan a mhìnich mi sa bhlog aig an àm sin. Ach tillidh sinn chun an aon cheist. Ann an 2017 gluaisidh an teicneolas craolaidh aig BBC ALBA gu h-iomlan air falbh bho theipichean gu faidhlichean eileagtronaigeach. Thig adhartas ann an teicneolas na chois agus cumaidh sinn oirnn a’ ceasnachadh agus ag iomairt gus roghainn a cheadachadh dhan neach-coimhid na fo-thiotalan a chuir dheth. Ach mar a bha aon òraidiche a’ moladh, feumaidh sinn a bith fosgailte don bheachd gur dòcha gur e pasgain de dh’ fhuasglaidhean a dh’fheumas a bhith ann aig a’ cheann thall airson roghainn a thoirt don neach-cleachdaidh.

Ma tha duine no coimhearsnachd no buidheann sam bith airson na còmhraidhean a chumail suas, chuirinn-sa fàilte bhlàth air an sin. Tha mi airson agus gur e fìor cho-obrachadh a tha sna meadhanan againn, gu bheil gach neach a’ faighinn èisteachd agus urram, gu bheil na co-dhùnaidhean againn air an ruighinn an dèidh a bhith a’ gabhail fianais, agus gu bheil iad air am mìneachadh gu ceart gus an tèid na h-adhbharan an tuigsinn. Bhiodh ur molaidhean feumail airson na rudan sin a choileanadh.