Co-chomhairle MG ALBA 2015 agus barrachd air seirbheisean taic airson luchd-coimhid

Bu mhath leam mo thaing a thoirt dhan fheadhainn a ghabh pàirt anns na deasbadan a chùm sinn air feadh Alba agus air-loidhne as t-Earrach agus tha min dòchas gun robh cothrom agaibh an aithisg Co-Chomhairle Phoblach MG ALBA 2015 a chaidh fhoillseachadh air 23 Ògmhios a leughadh.

An luib chuspairean eile bhruidhinn sinn an sin mu chuspair fo-thiotalan, agus bu mhath leam beagan a bharrachd a ràdh an seo.

Bhon Fhaoilleach 2016 bidh uallach air BBC ALBA seirbheisean taic às ùr a thoirt seachad do dhaoine aig a bheil duilgheadasan le claisneachd no fradharc. Am measg nan seirbheisean sin bidh fo-thiotalan (66%), aithrisean taic air an labhairt (10%) agus cainnt-shanais (5%).

Rùn BBC ALBA

Tha BBC ALBA ag amas air a bhith a’ frithealadh luchd-cleachdaidh na Gàidhlig mar sheirbheis bhunaiteach agus a bhith feumail bho àm gu àm tron t-seachdain do fheadhainn aig nach eil Gàidhlig.

An-dràsta

Chan eil fo thiotalan sam bith air naidheachdan no prògraman chloinne – prògraman bunaiteach do Ghàidheil - agus chan eil iad air spòrs nas motha.

Tha fo-thiotalan Beurla air an 35% eile de na prògraman a thèid a dhèanamh gach bliadhna – aithriseachd, dibhearsan, ceòl, ealain, dràma – agus tha iad mar inneal airson na seanail fhosgladh suas don fheadhainn aig nach eil Gàidhlig no nach eil fileanta gu leòr innte airson prògraman a leantainn às an aonais. Tha na prògraman seo buailteach a bhith air an ath-chraoladh ge-tà, agus leis an sin tha fo-thiotalan air còrr is an dàrna leth de chlàr na seanail.

Carson a tha iad loisgte a-steach?

Tha sinn ag aithneachadh cho riatanach ’s a tha e gun tèid inbhe a’ mhion-chànain àrdachadh ann am beatha phoblach na dùthcha. Tha seanail telebhisein Gàidhlig cudromach san obair sin agus feumaidh seasamh agus tarraing nàiseanta a bhith aig an t-seanail ma tha i gu bhith gu feum san dòigh sin.

Tha na fo-thiotalan loisgte a-steach don dealbh gus nach bi cnapan-starra mu choinneimh an luchd-coimhid. Tha iad nan cuideachadh gu h-àraid dhan fheadhainn nach biodh comasach am prògram a leantainn às an aonais, nan luib teaghlaichean far nach eil Gàidhlig aig a h-uile duine. Tha iad mar fhàilte don chànan agus a’ cuideachadh ri bhith togail blàths agus deagh rùn a’ mhòr-shluaigh.

Tha mi den bheachd gu bheil a’ mhòr-chuid de luchd labhairt na Gàidhlig a’ tuigsinn an ro-innleachd sin agus taiceil dhith, fiùs ged a dhùraigeadh iad gu pearsanta nach biodh fo-thiotalan ann idir. Rinn sinn rannsachadh air a’ cheist an robh fo-thiotalan a’ milleadh tlachd an luchd-coimhid (Lèirsinn Dùbhlachd 2014 – faicibh Èarr-ràdh 1 air td 16, ann an Co-Chomhairle Phoblach MG ALBA 2015). Fhuair sinn a-mach nach eil na fo-thiotalan loisgte a’ cur dragh no bacadh air 51% de dhaoine le comas ann an Gàidhlig a tha a’ coimhead ri BBC ALBA. Tha fios againn ge-tà gu bheil iad a’ cur dragh air 24% dhiubh agus bu mhath leinn a ràdh riutha sin gu bheil sinn a’ tuigsinn. Tha mi fhìn agus – cuiridh mi geall - mo cho-oibrichean an lùib an fheadhainn ris an còrdadh e gu pearsanta nam biodh ar suidheachadh cho treun ‘s gum b’ urrainn dèanamh às an aonais. Ach tha fo-thiotalan ann am Beurla a’ fuasgladh ar prògraman gu daoine nach eil fileanta sa chànan agus dh’fhaodadh luach agus buannachd tighinn chun chànain ri linn.

Tha fo-thiotalan eadar-theangachaidh loisgte a-steach san dealbh nas èifeachdaich na fo-thiotalan air falach air cùl na deilbh a tha feumach air inneal-làimh obrachadh airson an toirt am follais air an sgrion. Ach, mar a thuirt sinn san aithisg, bu chòir an roghainn a bhith aig an neach-cleachdaidh an cur am falach, agus thèid obrachadh air fuasgladh teicnigeach a lorg ma tha e idir comasach.

Bho 2016

Tha Ofcom airson ’s gum fritheil BBC ALBA nas fheàrr air daoine aig a bheil duilgheadasan claisneachd agus fradhairc, agus tha sinn taiceil dhan amas sin. Ann an 2016 feumaidh fo-thiotalan a bhith air 66% de phrògraman na seanail, agus tha sin deagh chuid nas motha na tha ann an-dràsta. Tha Ofcom an coingeis an ann sa Bheurla no sa Ghàidhlig a bhios na fo-thiotalan fhad ’s a tha an luchd amais air am frithealadh mar bu chòir. Thairis air na seachdainean agus mìosan ri thighinn bidh sinn ag obair air ciamar as fheàrr a thèid fo-thiotalan airson daoine aig a bheil duilgheadasan claisneachd a chur air barrachd phrògraman. Aig an ìre seo faodar a ràdh gu bheileas a’ coimhead air fo-thiotalan eadar-theangachaidh a bhith loisgte a-steach agus fo-thiotalan a dh’aona ghnothaich airson daoine le duilgheadasan claisneachd a bhith air a’ ghoireas àbhaisteach airson sin. Thuige seo chan eil sinn a’ coimhead air prògraman beò leithid naidheachdan no spòrs, ach bidh iad sin san amhairc cuideachd aig an àm cheart.

An ceangal eadar na meadhanan agus leasachadh cànain

Tha sinn fìor mhothachail gu bheil sinn feumach air tuigse nas doimhne a ruighinn air a’ cheangal eadar na meadhanan agus leasachadh cànain. Ciamar as fheàrr a nì na meadhanan fastadh air luchd-ionnsachaidh ùra don Ghàidhlig? Ciamar a bhrosnaicheas iad luchd-ionnsachaidh a tha a’ toirt thairis, agus dè na dòighean as fhèarr cobhair a thoirt don neach ionnsachaidh a tha air an t-slighe? Agus ciamar as urrainn dhaibh cur ri comas agus misneachd nam fileantach?

Ceistean mòra, agus cothrom nan lùib. Canaidh MG ALBA barrachd mu dheidhinn sin as t-fhoghar.