Am BBC agus Gàidhlig ann an 2017 agus san àm ri teachd

A-màireach (18 Sultain 2015) dùnaidh a’ chiad chothrom airson beachdan a chur an cèill mu amas agus meudachd a’ BhBC.

Tha MG ALBA gu math soilleir air na tha sinn ag iarraidh airson craoladh Gàidhlig, agus cuiridh mi an seo ar n-iarrtas feuch am bi sibh deònach ur taic fhèin a chuir ris.

Nar beachd, seo an cothrom airson a’ BhBC barrachd a dhèanamh airson BBC ALBA. Aig a’ char as lugha tha sin a’ ciallachadh

  • Naidheachdan deireadh sheachdain, nach eil againn an-dràsta
  • Prògraman ùra do chloinn agus òigridh, a tha fada ro ghann agus a tha èiginneach ma thathas gu bhith a’ cur taic ris an deagh obair a tha foghlam tro mheadhan na Gàidhlig a’ coileanadh
  • Comadaidh, dibhearsan and ionnsachadh a bhios tlachdmhor agus feumail do luchd-cleachdaidh na Gàidhlig

Tha 9 seanailean aig a’ BhBC ach chan eil am BBC a’ cosg ach 0.36% den bhuidseat telebhisein aca air BBC ALBA. Ann am briathran eile chan eil am BBC a’ maoineachadh ach 4.4 uair de phrògraman ùra gach seachdain airson BBC ALBA. Chan e gearan a tha sin, oir bha fhios a-riamh gu feumar tòiseachadh beag, ach tha an t-àm air tighinn airson fàs.

Ma choimheadas sinn air ar càirdean Ceilteach tha an t-seanail Gaeilge a’ craoladh faisg air 5 uairean de phrògraman ùra gach latha ann an Gàidhlig na h-Èireann agus tha an t-seanail Cuimreach a’ craoladh faisg air 8 uair an uaireadair gach latha de phrògraman ùra sa Chuimris. An coimeas riutha chan eil BBC ALBA a’ craoladh ach 1.7 uair de stuthan ùra gach latha! Tha fada cus ath-chraolaidhean air an t-seanail agus tha sinn ag amas air uiread nam prògraman ùra a ghluasad suas gu 3 uairean gach latha, aig a’ char as lugha.

Airson sin a choileanadh bu chòir 10 uair gach seachdain de dheagh phrògraman Gàidhlig tighinn gu BBC ALBA bhon BhBC. Bhiodh sin co-ionann ri na tha sgioba riochdachaidh a’ BhBC a’ dèanamh airson na seanail Cuimreach. Agus bheir e BBC ALBA gu math faisg air an 3 uair gach latha air a bheil i airidh mar sheirbheis chraolaidh phoblach.

Tha e riatanach gun tog luchd-cleachdaidh na Gàidhlig an guthan, gus an cluinn Urras a’ BBC gu bheil e riatanach gun cuir am BBC am barrachd taic is goireas mu choinneimh BBC Radio nan Gàidheal agus BBC ALBA.

Rachaibh gu làrach Urras a’ BhBC an seo.