Abair spòrs!

Bha a h-uile duine ris an do thachair mi a bha san Òban aig a’ Mhòd air an dòigh glan leis an deagh shìde! Ged nach robh mi ann ach latha, mhothaich mi na bha ann de dhaoine òga, comasach, a bha trang a’ cur air adhart na h-iomairtean aca. Gu pearsanta bha iomadach rud ris an do rinn mi toileachas mòr, ach seo agaibh a dhà dhiubh.

B’ e chiad rud, am fèill a rinnear air Gàidhlig bhòidheach Earra-Ghàidheal ann am Mìorbhail nam Beann, a chruthaich Iain MacPhàrlain stèidhichte air na sgrìobh am bàrd Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir agus a chaidh a chur an cèill cho àlainn le Balaich Dhonnchaidh Bhàin. Abair tlachd criomag dheth a chluinntinn. Meala naidheachd dhaibh, do Dhualchas Nàdair na h-Alba agus a h-uile duine eile a bha an sàs.

B’ e an dàrna rud, agus an rud air a bheil mi airson iomradh a thoirt, an naidheachd mu iomairt ùir Chomunn na Gàidhlig, Spòrs airson Òigridh. Tha mi a’ faicinn agus a’ cluinntinn – air leithid am prògram ionmholta Spòrs na Seachdain agus air An Là – barrachd is barrachd ghaisgich a tha an sàs ann an spòrs agus a tha a’ gabhail gach cothrom Gàidhlig a bhrosnachadh tro mheadhan spòrs. Tha na peathraichean Nic a’ Phì a’ tighinn gu inntinn, agus bho chionn deich latha bha e sònraichte math a chluinntinn mar a rinn Gàidheil na h-Alba a tha an sàs ann am Iomain Cholmcille a gnothach air Gaidheil na h-Èireann!

Air feadh na dùthcha tha miann aig daoine a bhith an sàs ann an spòrs – a’ gabhail pàirt no ag amhairc agus a’ leantainn. Tha na meadhanan Gàidhlig a’ riochdachadh mòran dheth sin tro rèidio agus telebhisean.

Bho àm gu àm cluinnear nach eil spòrs air BBC ALBA ach mar chleas airson luchd-amhairc a tharraing. Abair cleas – a bhith a’ toirt do luchd-amhairc an dearbh rud a tha iad airson fhaicinn! Ach tha e nas cudromaiche na sin.

Tha a’ cheart uidhir ùidh aig luchd-bruidhinn na Gàidhlig ann an spòrs ‘s a tha aig luchd-bruidhinn na Beurla, agus tha e ceart gu bheil spòrs aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta air BBC ALBA. Mar eisimpleir bidh Alba an aghaidh Belarus air an t-seanail oidhche Haoine.

Tha an t-uabhas dhaoine san dùthaich againn beò-ghlacte le ball-coise agus saoilidh mi gu bheil ùidh ann an rugbaidh agus iomain a’ fàs. Le bhith a’ craoladh gheamaichean gu cunbhalach tha mòran dhaoine nach biodh idir a’ suathadh sa Ghàidhlig a’ cur eòlas air ar cànan agus air na meadhanan againn. A bheil sinn a’ dèanamh gu leòr airson slighe a dhealbhachadh dhaibh gus Gàidhlig ionnsachadh? Tha amharas agam gu bheil fada bharrachd a dh’fhaodadh a dhèanamh. Thachair mi ri neach-leantainn Partick Thistle aig nach eil ceangal sam bith le Gàidhlig bho chionn greis air ais – bha e ag ràdh rium gun do thòisich e fhèin agus a nighean air Gàidhlig ionnsachadh air sgàth gun do dhùisg prògraman ball-coise BBC ALBA an toiseach, agus an uair sin prògraman eile air BBC ALBA, miann annta a’ chànan ionnsachadh. Agus thòisich iad air clasaichean. Fhuair iad a-mach nach tig cànan gun obair agus tha iad a-nis a dhìth am misneachadh gus cumail a’ dol.

Ma dhùisgeas spòrs am miann Gàidhlig ionnsachadh, tha e riatanach gum bi na slighean ionnsachaidh ann agus gum bi taic ri làimh nuair a tha an neach-ionnsachaidh an impis a bhith a’ toirt thairis. Tha e cuideachd riatanach gum bi barrachd ghuthan Gàidhlig rin cluinntinn air an raon cluich ionadail agus aig àrd ìre cluich is coidseadh. Tha fhiosam gu bheil a dhà no trì chluicheadairean òga ann am prìomh lìogan ball-coise na h-Alba a thàinig tro fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig, agus ‘s e fior rud math a tha sin, agus gura math a thèid leotha. Tha obair mhòr romhainn.

Leis an sin, gach dùrachd bhuamsa do Chomunn na Gàidhlig airson soirbheas iomairt Spòrs airson Òigridh agus gu h-àraid an iomairt maoineachaidh airson meanbh-bhus. Gun cheist tha iad, agus a h-uile gaisgeach eile a tha a’ brosnachadh spòrs tro mheadhan na Gàidhlig (agus tha mòran dhiubh ann a bhithinn deònach ainmeachadh an seo nan leigeadh iad fios), nan samhla dhuinn agus airidh air ar taic làidir.