“A’ bualadh na druma airson BBC ALBA”

Bha mi aig Trooping the Colour ann an Lunnainn mar aoigh aig Oifis na h-Alba Disathairne. Chan eil e idir na chleachdadh dhomh a bhith a’ faighinn cuireadh gu leithid, ach chaidh mi ann agus fios agam gun robh Rùnaire na Stàite airson Alba air a bhith a’ coinneachadh le Àrd-Stiùiriche a’ BhBC tron t-seachdain. Bha feadhainn eile ann bho shaoghal craolaidh na h-Alba cuideachd, a bharrachd air ceannardan phoilitigeach, ghnìomhachasan agus iomairtean sòisealta. Cha do dh’fhairich mi ach blàths airson na Gàidhlig agus cha chuala mi ach faclan taiceil airson BBC ALBA bhon h-uile duine ris an do bhruidhinn mi. Arsa Rùnaire na Stàite airson Alba mu dheidhinn a’ choinneimh le Àrd-Stiùiriche a’ BhBC: “I was banging the drum for BBC ALBA”. Fhuair e deagh èisteachd agus chuala e moladh mòr airson na seanail agus na co-bhanntachd a tha air a cùlaibh.

Bha briathran blàth mun Ghàidhlig cuideachd sa Phàipear Ghil a chaidh fhoillseachadh air an 12mh den Chèitean.

Seo an t-àm ge-tà airson nan briathran a tha sin a thionndadh gu geallaidhean cruaidh.

Nuair a tha an t-seanail Cuimris a’ craoladh 8 uairean de phrògraman ùra sa Chuimris gach latha, agus an t-seanail Èireannach a’ craoladh 5 uairean de phrògraman ùra sa Ghaeilge gach latha, bheil e ceart gu bheil BBC ALBA a’ dèanamh a’ ghnothaich le nas lugha na 2 uair de phrògraman ùra Gàidhlig san latha?

Tha am BBC a’ dèanamh 10 uair gach seachdain airson na seanail Chuimreach, agus bhiodh e cothromach agus ceart nam faigheadh iad dòigh air an aon rud a dhèanamh dhan t-seanail Ghàidhlig. Bheireadh sin bunait dhan t-seanail nach eil aice an-dràsta. Agus thuigeadh daoine gu robh poileasaidh cothromach aig a’ BhBC airson craoladh san dà mhion-chànan, rud nach eil ann an-dràsta.

Seo a tha mi air a ràdh ris an dà riaghaltas agus ris a’ BhBC:

  • ‘S e gnothach poileasaidh na Rìoghachd Aonaichte a tha ann an craoladh sa Chuimris agus sa Ghàidhlig, fon Chairt Eòrpach airson nam mion-chànanan;
  • Bu chòir co-ionannachd spèis a bhith mar bhunait air a’ phoileasaidh sin;
  • Bu chòir dhan dà riaghaltas dèanamh cinnteach gu bheil am poileasaidh sin ann an Cairt Ùr a’ BhBC, no anns na sgrìobhaidhean eile a bhios na chois;
  • Bu chòir na geallaidhean a tha am BBC a’ dèanamh airson craoladh sa Ghàidhlig agus sa Chuimris a bhith stèidhichte gu follaiseach air poileasaidh agus air prionnsabal co-ionannachd spèis, seach a bhith mar ghnothach pragmatach.

Mar a thuirt mi, tha luchd-poilitigs taiceil agus a’ faicinn ciall an iarrtais. Ach ‘s e an cunnart as motha gun tèid ceist maoin a’ BhBC airson craoladh Gàidhlig fhaicinn mar ghnothach beag airson am BBC ann an Alba a rèiteachadh. ‘S e ana-cheartas a bhios ann ma thèid craoladh Gàidhlig a chur ann am farpais le craoladh Beurla airson maoin ann an Alba, aig an dearbh àm ’s a tha am BBC a’ comharrachadh stòras gu sònraichte bhon mheadhan mar phoileasaidh corporra airson craoladh na Cuimris.

Tha e riatanach an-dràsta gun tog am barrachd dhaoine an guthan air a’ cheist seo, le litrichean gu Ard-Stiùiriche a’ BhBC, cathraiche Urras a’ BhBC, Rùnaire na Stàite agus Riaghaltas na h-Alba. Tha iad air fad a’ tuigsinn, ach tha ìmpidh a dhìth. Bidh sinn ag ràdh am barrachd mu dheidhinn ciamar as urrain dhuibh ar cuideachadh sna beagan làithean ri tighinn ach ma tha beachdan agaibh san eadar-ama chuirinn fàilte air cluinntinn bhuaibh air domhnall.caimbeul@mgalba.com

Tha mi a’ tuigsinn gu bheil airgead gann, ach ‘s e rud beag a tha ann an coimeas leis a’ chòrr. Tha co-ionnanachd spèis dhan Ghàidhlig riatanach agus tha gealladh chorporra a’ BhBC airson 10 uair de dheagh phrògraman Ghàidhlig san t-seachdain mar cheum dheatamach gus seirbheis nas coileanta agus nas seasmhach a ghleidheadh airson na Gàidhlig.

(Nota: bhiodh ar n-iarrtas a’ ciallachadh dùblachadh anns na prògraman a tha am BBC a’ dèanamh sa Ghàidhlig, agus thigeadh obraichean agus buannachdan eile an cois sin).

Gach dùrachd,

Dòmhnall